Dachaigh

Fàilte chridheil chàirdeil oirbh do làrach-lìn Dòrlach!

(dòrlach – ainmear fir. /t̪ɔːrˠl̪ˠəx/ 1. làn do làimhe; cròglach 2. grunnan)

Lean gu dlùth ri cliù do shinnsear! Tha Dòrlach na meanbh-chatharranais Albannach ag amas air co-oibreachadh 's càirdeas a bhrosnachadh am measg mion-sluaighean air feadh an t-saoghail agas air tilleadh a dh'ionnsaigh chleachdainnean Gàidhealach ann an Alba.

Tha fàilte oirbh ar leantainn leis a h-uile meadhan-sòisealta àbhaisteach @DorlachAlba agas ma tha sibh a' faireachdainn gun b' urrainn dhuibh cur ris an obair againn, dèanaibh sin leis na putain tabhartais aig a' bhonn.

Le taic bho Bhòrd na Gàilig.

MAC-UAIMHE

Co-oibreachadh ciùil eadar Yt DiNGO is Àdhamh Ó Broin.

Seo co-oibreachadh ùr eadar ar ceannard Àdhamh Ó Broin is neach-ciùil Àstraileach ealanta Yt DiNGO. Tha dealbh an òrain a-mach a-niste ‘s tha e ri fhaotainn. Bheir Yt DiNGO 50% de phrothaidean an òrain do Dhòrlach.

Gàidhealtachd air Dearmad

Bloga ùr mìosail a' toirt seachad earrannan ás na leabhraichean-latha Dhàibhidh MhicLeòid, bràthair-sin-seanair a' Cheannard Dòrlaich Àdhaimh MhicLeòid, air feadh an àm eadar 1874-1892 ann an Sgìre Latharn, Gallaibh. A' tòiseachadh air an 148mh ceann-bliana bho chaidh na leabhraichean-latha a sgrìobhadh, tha fiosrachadh a bharrachd air a’ bhloga mu dheidhinn sloinntearachd, eachdraidh ionadail agus dualchainnt Ghàilig Sgìre Latharn agus àiteachan mun cuairt.

Ròp Sàmhach

Cumaidh sinn ròp "sàmhach" air son na deilbh bhriagh seo le neach-ealain 's buachaille Brad Phares air a' bheil an t-ainm An Gàidheal Dh'iarr sinn air Brad dealbh a dhianamh de'n Ghàidheal gun ainm a tha san t-suaicheantas againn. Tha sinn an dòchas nach eil e ro fhollaiseach có am fear a bha na mhodail dhuinn!

Cuiribh tairgse gu: rop@dorlach.scot
Minimum bid £200 – please put the amount you want to bid in the subject line. Bidding will close some time in the New Year.

6 days ago

NEACH-IONMHAIStreasurer call-outToby, our departing treasurer, has served for almost three years and done an amazing turn.We now need someone new to step into the breach!The role is unlikely to require more than an hour a week’s free time.An e sibh fhéin a th’ ann?Let us know if you could do a job for us!Drop a line to: gaelic@dorlach.scotCiad mìle taing 🙏🏻🍀 See MoreSee Less
View on Facebook

2 weeks ago

GÀIDHEIL ‘S SÀMAICH AN GUAILIBH A CHÉILE!We are looking forward immensely to welcoming some of our Sami relatives to the Highlands this coming summer.There is much still to be arranged, but safe to say it will be a tremendous opportunity to compare notes on many crucial themes.Below is COP26 in 2021 when Àdhamh got the chance to address an audience of many different indigenous nations on the topic of Gaelic history and sing them a Gaelic song.It was beautiful to have Gaelic and Sami tartans side by side and feel the quiet power of our eastern relations.Chì sinn thall sibh! 🙏🏻❤️#Sami #Sapmi #Gàidhlig #Gael #indigenous See MoreSee Less
View on Facebook

Thoiribh Tabhartas

Gu robh math agaibh

Le gach beannachd air an àm,

– Dòrlach

Dòrlach is Scottish Charitable Incorporated Organisation SC05016