Air son fios a chur thugainn, cleachd: gaelic@dorlach.scot

Àdhamh MacLeòid Ó Broin | Convenor & fieldworker | adhamh@dorlach.scot
Chaidh togail Àdhaimh taobh Chomhaill, Arra-Ghàidheal. Buinidh a mhuinntir do dh'Éirinn 's Gallaibh. Is e·san a' chiad neachd a thog teaghlach le Gáilig Dhail Riada Dalriada Gaelic bho chionn 80 bliana. Mar an ciadna, tha e air a bhith ag obair air ath-bheothachadh Gàilig Sgìr Latharn, às an tàinig muinntir a mhàthair.
Tha Àdhamh air móran seanchas a thogail ré nam blianaichean a' siubhail nan rathaidean beaga air Gàidhealtachd na h-Alba 's a' tadhal air seann Ghàidheil. 'S e tha na amas aige a bhith a' feuchainn air di-cheannsachamh nan Gàidheal le bhith a' brosnachadh dàimh ùr a dhianamh le dualchas, cànan 's dòigh-bheatha.

Fañch Bihan-Gallic | Rùnaire | fanch@dorlach.scot
'S ann às Eilean Arzh taobh na Breatainne Bige a tha Fañch, fear a tha air cànan a mhuinntir a thoirt air ais beò san teaghlach aige. Tha Gàilig fhileanta aige cuideachd agas tha e air a bhith an sàs ann an gnothaichean co-cheangailte ris a' chànan againn bho chionn bhlianaichean a-nis. Reinn e maighstireachd 's PhD taobh Obar-Dheathain 's Dùn Éidinn.
Tha Fañch a' fuireach ann an Eilean na Hearadh an-dràsta agas tha e ag aorpachadh air facail 's seanchas an àite a chruinneachadh.
Bidh e ag obair mar Mhaor-dùthcha Coimhearsnachd na Hearadh.

Magaidh Nic a’ Ghobhainn | Neach-urrais | magaidh@dorlach.scot
Rugadh 's thogadh Magaidh ann an Eilean Leódhais. Tha i 'fuireach ann an croit far an robh sia ginealachan da muinntir air thoiseach oirre. Tha ùidh annamhor aice ann an dualchas 's eachdraigh nan Gàidheal agas i a' cruinneachadh fhacail, sgeulachdan 's fiosrachadh a théid a chur ann an sgrìobhadh, obair coimhearsnachd-réidein, pod-chraolaidhean 's dealbhan-cluiche.
Tha Magaidh glé dheònach cur ri amas na buidhne gus dualchainntean 's dualchas nan Gàidheal fhàgail fosgailte do dhaoine fad nan linntean ri thighinn.

Alasdair MacIlleBhàin | Neach-urrais | alasdair@dorlach.scot
Buinidh Alasdair do dh'Eilean Mhuile. Bidh e an sàs ann an rannsachadh ainmean-àite taobh Ghlaschu 's Mhuile aig Olthaigh Ghlaschu fhéin far am bith e a' cur ri iomadh seòrsa rud eile, a' toirt a-steach cànanachas, seanchas, litreachas 's òrain.
Toby Virgo | Neach-ionmhais | ionmhas@dorlach.scot
Toby is from Birkenhead, Merseyside, England and is a keen supporter of Dòrlach’s work. His enthusiasm for our mission led him to offer his services as treasurer. He currently lives in Glasgow, Scotland.
Friseal MacFhearghais | Fear-deasachaidh-lìn
'S ann à Gàidhealtachd Siorramachd Pheairt a tha Clann 'ic Fhearghais. Tha Friseal air a bhith ag obair gu dìcheallach ré nan deich blianaichean a chaidh seachad gus Gháilig Dhail Riada a chur air a chois, gun tighinn air iomadh chomas duideatach eile a th' aige. Tha e 'fuireach ann an Dùn Bhlàthain leis a chù, Ruairidh.

Seumas MacFhionnlaigh | Oifigear nan Iomairt Dhealanach | gaelic@dorlach.scot
Seumas belongs to the Isle of Arran where he was raised in one of the last surviving pre clearance townships in the Highlands and has a direct ancestral connection to the Braes in Skye where his mother’s people were for generations. He has a very keen interest in the dialects and lore of the Gael and is pleased to take up the post of Oifigear nan Iomairt Dhealanach. Is Seumas am prìomh neach-conaltraidh @DorlachAlba 's bidh e ag obair air susbaint ùr sgoinneil air son an urrais. Mar an ciadna, bidh e a-mach air an rathad an-dràsta 's a-rithist leis ar luchd-raoin a' dianamh cunntas air an obair aca.

Tha taic aig Dòrlach bho Bhòrd na Gàidhlig | www.gaidhlig.scot
