Dachaigh

Fàilte chridheil chàirdeil oirbh do làrach-lìn Dòrlach!

(dòrlach – ainmear fir. /t̪ɔːrˠl̪ˠəx/ 1. làn do làimhe; cròglach 2. grunnan)

Lean gu dlùth ri cliù do shinnsear! Tha Dòrlach na meanbh-chatharranais Albannach ag amas air co-oibreachadh 's càirdeas a bhrosnachadh am measg mion-sluaighean air feadh an t-saoghail agas air tilleadh a dh'ionnsaigh chleachdainnean Gàidhealach ann an Alba.

Tha fàilte oirbh ar leantainn leis a h-uile meadhan-sòisealta àbhaisteach @DorlachAlba agas ma tha sibh a' faireachdainn gun b' urrainn dhuibh cur ris an obair againn, dèanaibh sin leis na putain tabhartais aig a' bhonn.

Le taic bho Bhòrd na Gàilig.

MAC-UAIMHE

Co-oibreachadh ciùil eadar Yt DiNGO is Àdhamh Ó Broin.

Seo co-oibreachadh ùr eadar ar ceannard Àdhamh Ó Broin is neach-ciùil Àstraileach ealanta Yt DiNGO. Tha dealbh an òrain a-mach a-niste ‘s tha e ri fhaotainn. Bheir Yt DiNGO 50% de phrothaidean an òrain do Dhòrlach.

Gàidhealtachd air Dearmad

Bloga ùr mìosail a' toirt seachad earrannan ás na leabhraichean-latha Dhàibhidh MhicLeòid, bràthair-sin-seanair a' Cheannard Dòrlaich Àdhaimh MhicLeòid, air feadh an àm eadar 1874-1892 ann an Sgìre Latharn, Gallaibh. A' tòiseachadh air an 148mh ceann-bliana bho chaidh na leabhraichean-latha a sgrìobhadh, tha fiosrachadh a bharrachd air a’ bhloga mu dheidhinn sloinntearachd, eachdraidh ionadail agus dualchainnt Ghàilig Sgìre Latharn agus àiteachan mun cuairt.

Ròp Sàmhach

Cumaidh sinn ròp "sàmhach" air son na deilbh bhriagh seo le neach-ealain 's buachaille Brad Phares air a' bheil an t-ainm An Gàidheal Dh'iarr sinn air Brad dealbh a dhianamh de'n Ghàidheal gun ainm a tha san t-suaicheantas againn. Tha sinn an dòchas nach eil e ro fhollaiseach có am fear a bha na mhodail dhuinn!

Cuiribh tairgse gu: rop@dorlach.scot
Minimum bid £200 – please put the amount you want to bid in the subject line. Bidding will close some time in the New Year.

2 weeks ago

BOTHAN DHÙN ÉIDINN – 2024/05/31Tha sinn air son ar taing mhór a thairgse do Bhothan Dhùn Éidinn agas iad air an cothrom a thoirt seachad dhuinn a bhith an lathair aig cuirm na ceann-bliana 21 aca o chionn ghoirid!We are for offering our big thanks to @Bothan Dhùn Èideann (The Edinburgh Bothy) Gaelic social club for the opportunity to be present at their 21st birthday party recently!Thug Àdhamh seachad sgial à Latharn an Gallaibh ann an cainnt an àite, math dh’fhaoidte a’ chiad uair a chaidh seo a dhianamh bho chionn ciad bliana.Àdhamh dished out a story from Latheron Parish in Caithness in local dialect, perhaps the first time this has been done in a century.Mealaibh ur naigheachd, a Bhothain – guma fada beò sibh!Enjoy your news (congrats), Bothan – long may you live (ie continue on)!#Gàidhlig #Gaelic #Scottishgaelic #Dùthchasach #Tùsanach #Indigenous #Cleachdi #Alba #Scotland #Gàidhealtachd #Highlands #Gàidheal #Gael #Gaels #Highlander #Highlanders #ÀdhamhÓBroin #Carthannas #Charity #Clan See MoreSee Less
View on Facebook

1 month ago

A’ mhìos seo chaidh, chaidh sinn a Latharn ann an Gallaibh air son Diomag fhaicinn a-rithist, am fear mu dhéireadh aig a bheil cuimhne air Gàilig na sgìre nuair a bha e òg. Agas an turas seo mu dhéireadh thall, reinn sinn dealbh dheth a’ dol air feadh Srath Latharn a’ Phuill ‘s Srath Dhùn Bheitheamh. ’S e tobar eòlais, sgeulachdan ‘s fhaclan san dualchainnt chaillte a th’ ann an Diomag a bha iongantach fhaicinn.Last month, we went to Latharan in Caithness to see Jimmag Black again, the last man to remember the Caithness Gaelic from when he was young. And this time we finally got to filming him going around the Straths of Latheron and Dunbeath. He’s a fountain of knowledge, stories and words from the lost local dialect which was wonderful to witness.#Gàidhlig #Gaelic #Scottishgaelic #Dùthchasach #Tùsanach #Indigenous #Cleachdi #Alba #Scotland #Gàidhealtachd #Highlands #Gàidheal #Gael #Gaels #Highlander #Highlanders #Carthannas #Charity #ÀdhamhÓBroin #Clan #Clearences #Fuadaichean #Cataibh #Sutherland #Gallaibh #Caithness #Feildwork #ObairLàraich See MoreSee Less
View on Facebook

Thoiribh Tabhartas

Gu robh math agaibh

Le gach beannachd air an àm,

– Dòrlach

Dòrlach is Scottish Charitable Incorporated Organisation SC05016