Tàillear Caibeal Cill an Iubhair
Bean Nic-Artair
Tòrran, Loch Obha
Le Nils Holmer

Bha tàillear ann. Chaidh innseamh don tàillear gun robh bòcan ri fhaicinn an sin ach cha chreideamh an tàillear sin agas thug ead dha paidhear briogaisean ri fhuaigheil fad na h-oidhche.

Bha ead ri bhith réidh sa mhadainn. Thòisich e orra ’s chum e aca gos an dáini’ ceann mór liath.
Thuirt e ris:

Tàillear Caibeal Cill an Iubhair
Mgr Mac·Ille-Dhuinn
Dùn t-Sròin, Cille Mhàrtainn
Le Nils Holmer

Chaidh an tàillear a-staigh air son geall mhór ga fuaigheamh paidhir bhriogais mun digeamh e a-mach ás [an àite ‘s] mar sin a tháinig a’ chròg mhór liath.

 



Thuirt a’ chròg:

Tàillear Caibeal Cill an Iubhair
Alasdair Caimbeal (á Cille Mhàrtainn)
South Hall Estate, Comhghall
With Nils Holmer

Manamh Cill an Iubhair… bha tàillear a chaidhe ann. ’S ann a bha buidsich ‘as bòcain ra fhaicinn ann an Cill an Iubhair, taobh Loch Obha agas bha eagal air a h uile duine romhpa agas thuirt an tàillear gun reachamh e don eaglais agas gum fuaigheamh e briogais anns an eaglais anns an oidhche.

Chaidh e ann agas shuidh e air leac ’s thòisich e air fuaigheil na briogais ’s cha robh e goirid a’ fuaigheil nuair a chonaig e leac ag éiridh suas. Chonaig e ceann mór liath ag éiridh suas ‘as thubhairt e ris an tàillear:


“Am faic u an ceann mór liath ’s e gun bhiadh, a thàilleir?”

“Chì mi sin ach fuaighidh mi seo” thuirt e ris.

Agas tháini’ làimh mhór liath, tháini’ sin, colainn mhór

“Am faic u a’ chròg mhór liath ’s e gun bhiadh, a thàilleir?”

Thuirt an tàillear: “Chì mi sin ach fuaighidh mi seo”

Nair a chonaig an tàillear sin, thuirt (trì trobhan, an treas tróbh)

 

Ach tháinig a’ chròg dlùth air an tàillear, thilg e bhuaidhe a’ bhriogais agas theich e agas nair a bha e teicheamh a-mach air an dorast, thuair a’ chròg deuch(?) air an tàillear ach dh’fhàg a’ chròg fail san dorast.

“Am faic u an ceann mór liath ’s e gun bhiadh, a thàilleir?”

“Chì mi sin (siud) is fuaighidh mi seo”

An déidh sin tháinig a’ cholainn mhór [agas] a chas mhór a-nìos

“Chì mi sin is dh’fhuaigh mi seo”

‘S ann an déidh sin a theich an tàillear leis an eagal. Nuair a chaidh am bòcan a bhuaileamh an tàilleir, bhuail e an oisean ’s tha fail (comharra) na cròig anns an oisean gos an latha an-diugh.

 

Back

Top