Iseabail Nic-Lachainn

Iseabail Nic-Lachainn
(1868-1950)
Ormadail
Comhghall

‘S e Iseabail Nic-Lachainn an duine leis an do chuir Holmer seachad a’ chuid a bu mhotha de dh’ùine nair a bha e ann an Gleann Dà Ruadhail. Thuair e mu 30 ás gach 100 facal ann an Comhghall bho dh’Iseabail.

B’ àbhaist dhith bhith ann am Baile Dhubh-Leitir sa ghleann mun deachaidh i a dh’fhanachd ann an Ormadail mu 1940. Phòs i Peadar Mac a’ Ghobhainn, fear laghach, socrach ás Inbhir Aora. Cha robh clann aca.

A-réir coltais, bha Iseabail na té fhuranach, iolagach ‘s gu dearbh fon dòigh aice ‘hé. Dh’innis ar caraid Deonaidh Mac an Lìosa dhuinn gum b’ àbhaist dha am bainne a thoirt ga h-ionnsaidh a h-uile madainn. Ge ‘s bith an uair a bh’ ann, gheobhamh daoine a tháinig a chéilidh oirre port ás a’ bhosgan-ciùil aice!

Nair a bha a bràthair Donnchamh gu pòsamh, dh’fheòraich Mrs Burnley-Campbell dheth an robh Gáidhlig aig a’ chaile ‘s thuair i seo mar fhreagairt: “chan eil…. ‘s e sin as miosa dhith!”

Nair a tháinig Holmer a’ tadhail air Iseabail, bha i san taigh bheag dlùth air Ormidale Lodge. Bha an teine daonnant beò ‘s cha robh i mall ‘s cur a’ choire air dòigh.

Shiubhail Iseabail ann an 1950, goirit mun dáinig Sgoil Eòlais na h-Albann don dùthaich, a’ ciallachamh nach eil clàr-fuaime againn dhith.

Bella MacLachlan Smith
(1868-1950)
Ormidale
Cowal

Bella Smith was the person with whom Holmer spent the greatest part of his time when he was in the Glendaruel area. About 30% of the words he got in Cowal were from Bella.


She used to be in Duilleter Farm in Glendaruel before she went to live in Ormidale around 1940. She married Peter Smith, a nice, laid-back fellow from Inveraray. They had no children.


Bella was apparently a welcoming, jolly lady and certainly a bit of a character. Our friend Johnnie Gillies told us that he used to deliver the milk to her every morning. No matter the time of day, anyone who came to visit her would get a tune out of her melodian!


When her brother Duncan was to marry, Mrs Burnley-Campbell asked him if the lassie had the Gaelic and she got the following reply: “no…. that’s the worst of her!”

When Holmer came to call on Bella, she was in the small house next to Ormidale Lodge. The fire was always alive and she was not slow to put the kettle on.

Bella died in 1950, shortly before the School of Scottish Studies came to the area, meaning that we have no sound recording of her.

Gnothaichean a thuair Holmer:

Sgeultan
Blàr Drochaid Bhealach an Droighinn
Féill na Nollaig
Ithibh gu Leòr!
Meanaidh Gobha
An Gleoc
Tiodhlacamh Mhic-Mhaolagain

Òrain
‘S Toigh Leam an Cìobair
Ciste Dhomhaill Bhàin

Material Holmer got from Bella:

Stories
The Battle of Bealachdrain Bridge
The Christmas Fair
Eat Your Fill!
Minnie Gow
The Clock
MacMulligan’s Funeral

Songs
I Like the Shepherd
Fair Donald’s Chest

 

Back

Top