An Cìobair

An Cìobair ‘s an Tom-bàca
Alasdair Mac-Phàidein
Stùc Riach, Comhghall
Le Nils Holmer

Bha cìobair ann a bha creidsinn gun robh siobhraich a’ comhnaidh anns an t-sithean agas bhitheamh e air uairean a’ dol an-àird agas a’ fàgail tombàca dhaibh agas nuair a thilleamh e air ais an ath latha, bhitheamh an tombàca air falbh ‘as bha e anns an làn bheachd gun robh na siobhraich ag ùisinn an tombàca. Ach ‘s e a bh’ ann gun robh cìobair dlùth dhaibh aig an robh fhios gun robh an duine seo a’ fàgail tombàca agas bha e dol an sin agas a’ faodainn an tombàca.

a’ comhnaidh = a’ fanachd

air uairean = corr’ uair

an-àird = a-suas

nuair = nair, dair

ag ùisinn = ag ùisneachamh

The Shepherd and the Tobacco
Sandy MacFadyen
Stuckreoch, Cowal
With Nils Holmer

There was a shepherd that was believing that the fairies were living in the fairy hill and he would be occasionally going up and leaving tobacco for them and when he would return back the next day, the tobacco would be away and he was in the full opinion that the fairies were using the tobacco. But what it was a shepherd close to them at whom was the knowledge that this man was leaving the tobacco and he was going there and getting the tobacco.

 

Back

Top